Fàilte gu làrach-lìn Fhèis Ghàidhlig Ghlaschu.
Is e Fèis a mhaireas fad seachdain airson clann eadar 3 is 14 bliadhna a dh’aois a th’ ann am Fèis GG.
Gach bliadhna bithidh sinn a’ tabhann cuspairean àbhaisteach a leithid an Fhìdheall, a’ Bhocsa, Clàrsach, Seinn Ghàidhlig agus Iomain, agus cuspairean eadar-dhealaichte, inntinneach a leithid Drùmaireachd, Dràma, Bàll-coise, Dannsa-Ceum, Taekwondo is Cleasachd.
Bithidh Fèis Ghàidhlig Ghlaschu 2012 a’ gabhail àite eadar an 2na agus an 6mh latha den Ghiblean, ann am Bunsgoil Gràmar Hutchesons’ air Sràid Kingarth ann an taobh a-deas Glaschu.
Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh brath thugainn aig feisgg@live.co.uk
Facebook
Twitter